Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach (360G-BNG-2324_3033)
’S e pròiseact Sgeama Greis Gnìomhachais Gàidhlig a tha seo, far am bi oileanaich le sgilean Gàidhlig aig diofar ìrean a’ faighinn cothrom cosnaidh le buidheann Gàidhlig thairis air 10 seachdainean den t-samhradh eadar Ògmhios agus Lùnastal aig ìre Tuarastal Bith-beò Dhà-rìribh, (Real Living Wage 2023: £10.90 gach uair). Bidh iad ag obair 30 uairean a thìde gach seachdain ann an dreuchdan làn-ùine le buidhnean far a bheil a’ Ghàidhlig na cànan obraich làitheil, a' gabhail a-steach, m.e. buidhnean ag obair sna h-ealain, ann am foghlam, buidhnean leasachaidh, comainn eachdraidh agus na meadhanan Gàidhlig. Tha seo an dà chuid a’ neartachadh nan sgilean cànain aca, agus a’ leudachadh an comasan san àite-obraich. Tha buidhnean is oileanaich air a bhith a’ moladh an Sgeama a thaobh èifeachdas gach bliadhna bhon a thòisich a’ Chomhairle an Sgeama a ruith ann an 2015, le eadar 10-15 buidhnean agus oileanaich a’ sealltainn ùidh san Sgeama mar as àbhaist gach bliadhna. Chan fheumar a bhith fileanta sa Ghàidhlig, ach feumaidh co-dhiù beagan sgilean labhairt, sgrìobhaidh agus leughaidh Gàidhlig a bhith aig na h-oileanaich. Mar sin, tha an Sgeama fosgailte do dh’oileanaich le diofar ìrean de sgilean sa chànan. Feumaidh iad cuideachd a bhith a’ leantainn cùrsa oilthighe/colaiste, ge-tà, (le dùil gum bi iad a’ dol air ais a dh’ oilthigh/colaiste as t-foghar), agus feumaidh iad a bhith a’ fuireach anns na h-Eileanan an Iar rè an t-samhraidh. Bìthear a’ pàigheadh 50% de chosgaisean nam buidhnean fon Sgeama airson tuarastal nan oileanach, agus bidh na buidhnean fhèin a tha san Sgeama a’ pàigheadh an 50% eile.
Where is this data from?
This data was originally published by Bòrd na Gàidhlig. If you see something about your organisation or the funding it has received on this page that doesn't look right you can submit a grantee amendment request. You can hover over codes from standard codelists to see the user-friendly name provided by 360Giving.
Grant Details
Amount Awarded | 12250 |
Amount Disbursed | 12250 |
Approval Level | Sgioba Stiùiridh / Senior Management Team |
Award Date | 2023-06-20T00:00:00+00:00 |
Beneficiary Location: Country Code | GB |
Beneficiary Location: Geographic Code | S12000013 |
Beneficiary Location: Geographic Code Type | CA |
Beneficiary Location: Name | Na h-Eileanan Siar |
Data Source | https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/data-thabhartasan/ |
Financial Year | 2023/24 |
From An Open Call? | Yes |
Grant Programme: Code | 2324_MPG |
Grant Programme: Title | Maoin Phlanaichean Gàidhlig / Gaelic Plans Fund |
Grant Programme: URL | https://www.gaidhlig.scot/gd/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/maoin-phlanaichean-gaidhlig/ |
Last Modified | 2025-03-28T13:17:51+00:00 |
Location Scope | GLS050 |
Planned Dates: Duration (months) | 3 |
Planned Dates: End Date | 2024-08-30T00:00:00+00:00 |
Planned Dates: Start Date | 2024-06-03T00:00:00+00:00 |
Recipient Org: Country | Scotland |
Recipient Org: Location: Country Code | GB |
Recipient Org: Location: Geographic Code | S12000013 |
Recipient Org: Location: Geographic Code Type | CA |
Recipient Org: Location: Name | Na h-Eileanan Siar |