Seiminear Fiosrachaidh mu Mhòr-ionadan Gàidhlig (360G-BNG-CC-2024-01382)

Tha sinn airson seiminear fiosrachaidh a chur air dòigh a shealltainn don choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann sealladh fhaighinn air mar a tha mòr-ionadan Gàidhlig/Gaeilge ag obair ann an àiteachan eile. Chluinneamaid bho riochdairean ionad Gaeilge ann an Èirinn a Tuath (Aonach Mhacha, tha sinn an dòchas), Cultarlann Inbhir Nis agus An Lòchran ann an Glaschu. Chuidicheadh an tachartas sinn ann a bhith a' brosnachadh buill de choimhearsnachd Ghàidhlig Dhùn Èideann a bhith a' smaoineachadh gu fiosrach agus gu tuigseach mu na cothroman a th' againn mòr-ionad a stèidheachadh ann an Dùn Èideann, agus cuideachd mu na diofar dhùbhlan a bhiodh romhainn. Bhiodh an tachartas feumail cuideachd ann a bhith a' brosnachadh dhaoine gus pàirt a ghabhail anns an t-suirbhidh coimhearsnachd a tha sinn an dùil sgaoileadh anns an Ògmhios 2024 air prìomhachasan dhan ionad a tha fa-near dhuinn ann an Dùn Èideann. 'S e tachartas aon fheasgair a tha fa-near dhuinn, mu 3 uairean a thìde, agus tha sinn an dòchas gun tig mu 25-40 daoine ga fhrithealadh. Tha e follaiseach gu bheil Èirinn (agus gu h-àraidh Èirinn a Tuath) fada air thoiseach air Alba ann a bhith a' stèidheachadh mhòr-ionadan agus gu bheil tòrr ri ionnsachadh bhon fheadhainn a tha an sàs anns na cultarlannan thall. Bhiodh tabhartas bho sgeama Colmcille gu math iomchaidh airson iomlaid fiosrachaidh is eòlais mun obair leasachaidh seo a chur an gnìomh. Thèid na prìomh thaisbeanaidhean bho riochdairean nan diofar aonadan a thoirt seachad anns a' Ghaeilge/Ghàidhlig gu ìre mhòr mhòr, agus tha sinn an dùil gum bi a' mhòr-chuid den deasbad nan cois anns a' Ghàidhlig (agus gu ìre a' Ghaeilge) cuideachd. 

Where is this data from?

This data was originally published by Bòrd na Gàidhlig. If you see something about your organisation or the funding it has received on this page that doesn't look right you can submit a grantee amendment request. You can hover over codes from standard codelists to see the user-friendly name provided by 360Giving.

Grant Details

Amount Awarded 1720
Approval Level Sgioba Stiùiridh / Senior Management Team
Award Date 2024-03-22T00:00:00+00:00
Beneficiary Location: Country Code GB
Beneficiary Location: Geographic Code S12000036
Beneficiary Location: Geographic Code Type CA
Beneficiary Location: Name City of Edinburgh
Data Source https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/data-thabhartasan/
Financial Year 2024/25
From An Open Call? Yes
Grant Programme: Code 2425_CC
Grant Programme: Title Colmcille
Last Modified 2024-06-25T13:48:12+00:00
Location Scope GLS050
Planned Dates: Duration (months) 6
Planned Dates: End Date 2024-10-31T00:00:00+00:00
Planned Dates: Start Date 2024-05-01T00:00:00+00:00
Recipient Org: Charity Number SC050169
Recipient Org: Country Scotland
Recipient Org: Location: Country Code GB
Recipient Org: Location: Geographic Code S12000036
Recipient Org: Location: Geographic Code Type CA
Recipient Org: Location: Name City of Edinburgh