Cèilidhean agus Clasaichean ann am Muile (360G-BNG-TFC-2023-00617)

Tha sinn airson cèilidhean a chur air dòigh ann an diofar àiteannan ann am Muile gach mìos, airson trì mìosan sa gheamhradh, a’ dèanamh fòcas air òrain ionadail às gach àite. Bidh cèilidh ann an Creich san t-Samhain 2023, ann an Tobar Mhoire anns an Fhaoilleach 2024 agus anns An t-Sàilean anns a' Ghearran 2024. Bidh gach cèilidh air a ruith gu dà-chànanach, sa Ghàidhlig agus sa Bheurla, ach le prìomhachas air a’ Ghàidhlig. ’S e prìomh amas na cèilidhean gum bi daoine ionadail, sean agus òg, a’ seinn agus a’ cluich na h-òrain ionadail aca, agus ag innse beagan mu dheidhinn gach òran. Bidh seo na bhuannachd do daoine ionadail a bhios a’ tighinn dhan chèilidh, as urrainn ionnsachadh barrachd mu dheidhinn an cultar mun cuairt orra. Tha sinn an dòchas gum bi e cuideachd a’ tàladh dhaoine bho diofar àiteannan ann am Muile, a bharrachd air luchd-turais a bhios a’ tadhal air an eilean bho air feadh an t-saoghail. Tha sinn cuideachd airson clasaichean Gàidhlig a chur air dòigh, ann an Tobar Mhoire agus anns an Ros Mhuileach.  Bhiodh clasaichean Thobar Mhoire anns an Eaglais Shaor, agus bidh clasaichean an Ros Mhuileach ann an Talla Chreich. Bidh na clasaichean a’ maireann dà uair a thìde airson deich seachdainean, eadar deireadh a’ Ghiblean agus deireadh an Ògmhios 2023. Bidh e a’ cosg £50 airson na deich seachdainean. Tha sinn an dùil gum biodh sia-deug neach a' frithealadh na clasaichean seo, ochdnar ann an Tobar Mhoire agus ochdar anns an Ros Mhuileach. Tron ghlasadh sluaigh, chaidh clasaichean Gàidhlig a chur air dòigh air Zoom. Ged a dh’obraich iad seo gu math, chan eil e an aon rud ri bhith ag ionnsachadh aghaidh ri aghaidh. Bu toigh leinn an cothrom a thoirt do dhaoine tighinn còmhla a-rithist airson Gàidhlig ionnsachadh aghaidh ri aghaidh.

Where is this data from?

This data was originally published by Bòrd na Gàidhlig. If you see something about your organisation or the funding it has received on this page that doesn't look right you can submit a grantee amendment request. You can hover over codes from standard codelists to see the user-friendly name provided by 360Giving.

Grant Details

Amount Awarded 1200
Amount Disbursed 1200
Approval Level Sgioba Stiùiridh / Senior Management Team
Award Date 2023-02-15T00:00:00+00:00
Beneficiary Location: Country Code GB
Beneficiary Location: Geographic Code S12000035
Beneficiary Location: Geographic Code Type CA
Beneficiary Location: Name Argyll and Bute
Data Source https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/data-thabhartasan/
Financial Year 2023/24
From An Open Call? Yes
Grant Programme: Code 2324_TFC
Grant Programme: Title Taic Freumhan Coimhearsnachd
Grant Programme: URL https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/taic-freumhan-coimhearsnachd/
Last Modified 2025-03-28T13:17:51+00:00
Planned Dates: Duration (months) 10
Planned Dates: End Date 2024-02-26T00:00:00+00:00
Planned Dates: Start Date 2023-04-24T00:00:00+00:00
Recipient Org: Charity Number SC023080
Recipient Org: Company Number SC280109
Recipient Org: Country Scotland
Recipient Org: Location: Country Code GB
Recipient Org: Location: Geographic Code S12000035
Recipient Org: Location: Geographic Code Type CA
Recipient Org: Location: Name Argyll and Bute