Cofaidh is Cabadaich (360G-BNG-TFC-2024-01201)

£5,000

Tha Cultarlann Inbhir Nis gu bhith a' gluasad a-staigh gu ar dachaigh ùr, Eaglais an Ear, tràth ann an 2024. Nar dachaigh ùr, sa chiad dol a-mach tha sinn airson tachartas cunbhalach a stèidheachadh airson an coimhearsnachd Gàidhlig a thoirt còmhla. Bidh Cofaidh is Cabadaich a' tachairt feasgar Disathairne bho 2 - 4f dà thuras sa mhìos. Bidh an tachartas seo ag amas air fileantaich agus luchd-ionnsachaidh, sean is òg, a' toirt còmhla ann an àite cofhurtail far am bi Gàidhlig ga bruidhinn gu nàdarra. Tha sinn airson fastadh cuideigin òg (aois 18 - 26) airson ga chur air dòigh (le taic bhon bhòrd) gus cothrom a thoirt dhaibh an cuid Gàidhlig a' cur gu feum agus gus am bi daoine òga aig crìdhe na tha dol aig Cultarlann Inbhir Nis. Bidh srùpag is bonnaich ri fhaighinn, ceòl bho luchd-ciùil òga, òrain bhon Fonn Fonn Fonn (buidheann seinn Cultarlann), gnìomhan ealain agus sgeulachdan do chloinn (air a lìbhrigeadh le cuideigin òg), leabhraichean Gàidhlig ri cheannach, Scrabble Gàidhlig ri chluich is eile. Bidh luchd saor-thoilich a' toirt cuideachadh dhuinn, le cothrom do dh'inbhich a tha ag ionnsachadh Gàidhlig an cuid Gàidhlig a' cur gu feum. Tha buidheann againn mar thà a tha deiseil is deònach seo a dhèanamh dhuinn. Bidh an tachartas ag amas air a' chòimhearsnachd Gàidhlig a neartachadh, ceanglaichean a thogail eadar sean is òg, cothrom a thoirt do dhaoine òga an cuid Gàidhlig a chleachdadh, cothrom a thoirt do luchd-ionnsachaidh Gàidhlig a bhrudhinn agus a chluinntinn ann an àrainneachd cofhurtail, taiceil. Tha sinn air tachartasan coltach ri seo a dhèanamh roimhe a bha gu math soirbheachail is tha sinn a-nis airson a' togail air seo agus barrachd dhaoine fhaighinn an-sàs ann. Chuir Iomairt Gàidhlig Inbhir Nis aig Comunn na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd taic thugainn le seo agus tha sinn uabhasach taingeil gu bheil iad deònach taic a chumail rinn le Cofaidh is Cabadaich bho thaobh cuideigin a bhith an làthair aig na tachartasan agus bho thaobh sanasachd. Cuideachd, tha Fèisean nan Gàidheal agus Fèis na h-Òige deònach cuideachadh a thoirt dhuinn luchd-ciùil òga a lorg. Bidh fàilte air a h-uile duine le ùidh sa Ghàidhlig aig na tachartasan seo. 

Where is this data from?

This data was originally published by Bòrd na Gàidhlig. If you see something about your organisation or the funding it has received on this page that doesn't look right you can submit a grantee amendment request. You can hover over codes from standard codelists to see the user-friendly name provided by 360Giving.

Grant Details

Amount Awarded 5000
Approval Level Sgioba Stiùiridh / Senior Management Team
Award Date 2024-02-21T00:00:00+00:00
Beneficiary Location: Country Code GB
Beneficiary Location: Geographic Code S12000017
Beneficiary Location: Geographic Code Type CA
Beneficiary Location: Name Highland
Data Source https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/data-thabhartasan/
Financial Year 2024/25
From An Open Call? Yes
Grant Programme: Code 2426_TFC
Grant Programme: Title Taic Freumhan Coimhearsnachd
Last Modified 2024-06-25T13:48:12+00:00
Location Scope GLS060
Planned Dates: Duration (months) 11
Planned Dates: End Date 2025-03-29T00:00:00+00:00
Planned Dates: Start Date 2024-05-04T00:00:00+00:00
Recipient Org: Charity Number SC050549
Recipient Org: Company Number SC653865
Recipient Org: Country Scotland
Recipient Org: Location: Country Code GB
Recipient Org: Location: Geographic Code S12000017
Recipient Org: Location: Geographic Code Type CA
Recipient Org: Location: Name Highland