Turas dhan Eilean Sgitheanach (360G-BNG-TFC-2024-01274)
Tha An Comann Ceilteach a’ cuir air dòigh turas dhan t-Eilean Sgitheanach airson buill a Chomainn. Bidh fichead neach a’ falbh air an turas. Bidh sinn a’ siubhal à Dùn Èideann air 15/04/24 agus a’ tilleadh a Dhùn Èideann air 19/04/24. Fuirichidh sinn anns am Flora MacDonald Hostel ann an Slèite agus siubhlaidh sinn air busaichean phoblach agus aon chàr. Bidh clasaichean Gàidhlig againn anns a’ mhadainn far am bidh leasanan Gàidhlig ann airson na luchd-ionnsachaidh agus bruidhinnidh na fileantaich ri daoine bhon sgìre. Tha sinn cuideachd air tursan a chuir air dòigh airson gun ionnsaich na buill barrachd mun àite. Nì sinn caidheagadh anns a’ Ghàidhlig, turas gu taigh-staile agus ceum faisg air Slèite. Cuideachd bidh cèilidh againn còmhla ri oileanaich an t-Sabhail Mòr. Bidh na buill air am bogadh ann an Gàidhlig fad còig latha, agus bheir seo barrachd misneachd dhaibh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an Dùn Èideann agus aig an dachaigh. Cuideachd, ionnsaichidh iad mu chultar na Gàidhealtachd, gu h-àraid cultar an Eilean Sgitheanaich. Bidh daoine de gach ìre fileantachd a’ tighinn air an turas seo. Bheir seo an cothrom do luchd-ionnsachaidh a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig ri daoine a tha nas fhileanta ann an suidheachadh neo-fhoirmeil. Cuideachd, bruidhinnidh sinn ri daoine à coimhearsnachd an eilein, is mar sin, gheibh na fileantaich an cothrom ionnsachadh mun àite agus ionnsachadh faclan à dualchainnt eile. ‘S e prìomh amas an turais neartachadh sgilean Gàidhlig agus togail ùidh is misneachd sa chànan, agus gun ionnsaich na buill mu chultar na Gàidhealtachd, gu h-àraid cultar an t-Eilean Sgitheanach.
Where is this data from?
This data was originally published by Bòrd na Gàidhlig. If you see something about your organisation or the funding it has received on this page that doesn't look right you can submit a grantee amendment request. You can hover over codes from standard codelists to see the user-friendly name provided by 360Giving.
Grant Details
Amount Awarded | 2700 |
Amount Disbursed | 2387 |
Approval Level | Sgioba Stiùiridh / Senior Management Team |
Award Date | 2024-02-21T00:00:00+00:00 |
Beneficiary Location: Country Code | GB |
Beneficiary Location: Geographic Code | S12000036 |
Beneficiary Location: Geographic Code Type | CA |
Beneficiary Location: Name | City of Edinburgh |
Data Source | https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/data-thabhartasan/ |
Financial Year | 2024/25 |
From An Open Call? | Yes |
Grant Programme: Code | 2426_TFC |
Grant Programme: Title | Taic Freumhan Coimhearsnachd |
Grant Programme: URL | https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/taic-freumhan-coimhearsnachd/ |
Last Modified | 2025-03-28T13:17:51+00:00 |
Location Scope | GLS040 |
Planned Dates: Duration (months) | 0 |
Planned Dates: End Date | 2024-04-19T00:00:00+00:00 |
Planned Dates: Start Date | 2024-04-15T00:00:00+00:00 |
Recipient Org: Country | Scotland |
Recipient Org: Location: Country Code | GB |
Recipient Org: Location: Geographic Code | S12000036 |
Recipient Org: Location: Geographic Code Type | CA |
Recipient Org: Location: Name | City of Edinburgh |