Leugh! (WT) - pàirt de 'Moit is Misneachd' (360G-BNG-TFC-2024-01330)

£6,000
Recipient Organisation

Tha Urras Thiriodh - mar bhuidhinn a stèidhicheadh le muinntir an eilein do mhuinntir an eilein - airson pròiseact a stèidheachadh a tha ceangal cothroman còmhla do dheifir ghinealaich san eilean feuch misneachd is toileachas a leasachadh a-thaobh leughaidh, sgrìobhaidh is labhairt Gàidhlig. Tha sinn a’ leasachadh chothroman aig deifir ìrean an-dràsta do dheifir eilemaidean dhen choimhearsnachd a-rèir feum is iarrtais, ach tha feum ann air daoine a tharraing còmhla gus spòrs fhaighinn agus tlachd is taic a bhrosnachadh eatorra. A-measg na tha ga thoirt air adhart aig an ìresa tha amas air na tràth aoisean tro sheiseanan seinn, cluich is leughaidh (treànadh Bookbug air fàire do mhuinntir an eilein ach tha seo pìos air falbh fhathast air sgàths a bhi feitheamh air SBT); air aoisean-sgoile tro phròiseactan cruthachail taobh a-muigh na sgoile; air pàrantan a tha airson taic a thoirt dhan cuid chloinne agus airson an sgilean fhèin a thoirt air adhart le seiseanan-taic; agus air na ginealaich as sine le bhi gam brosnachadh gus a bhi toirt taic is a’ gabhail pàirt ann an deifir thachartasan. Tha Leugh! mar sin mar phàirt de phrògram nas fharsainge de phròiseactan do dheifir ìrean is ùidhean (Moit is Misneachd) gu sònraichte ag amas air coimhearsnachd Gàidhlig an eilein – iadsan a thogadh le Gàidhlig san dachaigh no a dh’ionnsaich i/ a tha ga h-ionnsachadh – ach fosgailte dhan uile. Tha sinn ag amas air misneachd a dhùsgadh ann an deifir eileamaidean dhen choimhearsnachd nan comasan Gàidhlig fhèin, feuch am bidh iad deònach a cleachdadh nas trice agus ann an deifir suidhichean làitheil; air teaghlaichean a chuideachadh gus obair-sgoile aig an taigh a thoirt gu buil còmhla – gu seachd àraid leughadh; agus airson deifir ghinealaichean a tharraing còmhla, ann an teaghlaichean agus anns a’ choimhearsnachd nas fharsainge, feuch an tèid na deifir earrainnean dhen choimhearsnachd Ghàidhlig san eilean a thoirt nas dlùithe gus taic a chumail ri chèile agus moit is misneachd a bhrosnachadh eatorra.

Where is this data from?

This data was originally published by Bòrd na Gàidhlig. If you see something about your organisation or the funding it has received on this page that doesn't look right you can submit a grantee amendment request. You can hover over codes from standard codelists to see the user-friendly name provided by 360Giving.

Grant Details

Amount Awarded 6000
Approval Level Sgioba Stiùiridh / Senior Management Team
Award Date 2024-02-21T00:00:00+00:00
Beneficiary Location: Country Code GB
Beneficiary Location: Geographic Code S12000035
Beneficiary Location: Geographic Code Type CA
Beneficiary Location: Name Argyll and Bute
Data Source https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/data-thabhartasan/
Financial Year 2024/25
From An Open Call? Yes
Grant Programme: Code 2426_TFC
Grant Programme: Title Taic Freumhan Coimhearsnachd
Grant Programme: URL https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/cothroman-maoineachaidh/taic-freumhan-coimhearsnachd/
Last Modified 2025-03-28T13:17:51+00:00
Location Scope GLS060
Planned Dates: Duration (months) 24
Planned Dates: End Date 2026-03-31T00:00:00+00:00
Planned Dates: Start Date 2024-04-01T00:00:00+00:00
Recipient Org: Alternate Name Tiree Community Development Trust
Recipient Org: Charity Number SC037018
Recipient Org: Company Number SC292902
Recipient Org: Country Scotland
Recipient Org: Location: Country Code GB
Recipient Org: Location: Geographic Code S12000035
Recipient Org: Location: Geographic Code Type CA
Recipient Org: Location: Name Argyll and Bute