Cruinn Còmhla - Làithean Coimhearsnachd Dhùn Èideann (360G-BNG-TFC-2025-01821)

Tha sinn ag iarraidh ceithir Làithean Coimhearsnachd a ruith ann an Dùn Èideann, eadar an t-Sultain 2025 agus an Cèitean 2026. Anns a' mhadainn bidh sinn a' tabhann clasaichean Gàidhlig do dh'inbhich aig trì diofar ìrean, eadar luchd-tòiseachaidh agus daoine a tha ag amas air fileantachd. Air an fheasgar bidh sinn a' tabhann measgachadh de thachartasan cultarail, a' mhòr-chuid dhiubh freagarrach do dhaoine de dhiofar aoisean. Chan eil an clàr stèidhichte aig an ìre seo, agus tha sinn an dùil gum bi structar a' chlàir eadar-dhealaichte air na diofar làithean. Tha sinn a' beachdachadh air na leanas, am measg rudan eile: seisean air òrain Ghàidhlig seisean air seinn nan salmseisean Zumba no 'Keep Fit sa Ghàidhlig' seisean siorcas bùth-obrach dràma farpais-cheist eadar clann is inbhich seisean air na meadhanan didsiteach (bhideothan goirid, stuth airson nam meadhanan sòisealta msaa) seisean air sgeulachdan traidiseanta Nì sinn conaltradh le buidhnean coimhearsnachd ann an Dùn Èideann, a' sireadh am beachdan mu na tachartasan a bu mhath leotha fhaicinn agus a' faighneachd am biodh ùidh aca ann a bhith a' cur sheiseanan no tachartasan air dòigh. Bhiodh cafaidh a’ ruith tron latha, agus bhiodh bùird ann aig diofar bhuidhnean, a’ toirt cothrom fiosrachadh a sgaoileadh, leabhraichean a reic msaa.A rèir suirbhidh mòr a rinn sinn ann an Dùn Èideann an-uiridh, tha ùidh làidir ann an tachartasan coimhearsnachd a tha tarraingeach do dhiofar sheòrsachan dhaoine: luchd-ionnsachaidh agus fileantaich, clann agus inbhich. Bidh sinn ag amas air prògram farsaing agus taitneach a chòrdas ri farsaingeachd dhaoine. Tha e follaiseach gu bheil ùidh agus miann anns a' choimhearsnachd airson tachartasan cultair is ionnsachaidh den t-seòrsa seo. Chuir sinn dà latha coimhearsnachd air dòigh ann an 2024 (le taic bhon Bhòrd) agus anns an Fhaoilleach 2025 ruith sinn Latha Bogaidh, air an robh iarrtas glè làidir anns a' choimhearsnachd.

Where is this data from?

This data was originally published by Bòrd na Gàidhlig. If you see something about your organisation or the funding it has received on this page that doesn't look right you can submit a grantee amendment request. You can hover over codes from standard codelists to see the user-friendly name provided by 360Giving.

Grant Details

Amount Awarded 3075
Approval Level Sgioba Stiùiridh / Senior Management Team
Award Date 2025-03-04T00:00:00+00:00
Beneficiary Location: Country Code GB
Beneficiary Location: Geographic Code S12000036
Beneficiary Location: Geographic Code Type CA
Beneficiary Location: Name City of Edinburgh
Data Source https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/data-thabhartasan/
Financial Year 2025/26
From An Open Call? Yes
Grant Programme: Code 2527_TFC
Grant Programme: Title Taic Freumhan Coimhearsnachd
Last Modified 2025-07-03T11:44:29+00:00
Location Scope GLS050
Planned Dates: Duration (months) 11
Planned Dates: End Date 2026-06-30T00:00:00+00:00
Planned Dates: Start Date 2025-08-17T00:00:00+00:00
Recipient Org: Charity Number SC050169
Recipient Org: Country Scotland
Recipient Org: Location: Country Code GB
Recipient Org: Location: Geographic Code S12000036
Recipient Org: Location: Geographic Code Type CA
Recipient Org: Location: Name City of Edinburgh