Leasachadh na Gàidhlig ann am Meadhan Earra-Ghàidheal (360G-BNG-TFC-2026-02412)
Tha an tagradh seo airson maoineachadh fhaotainn gus sreath den leasanan Gàidhlig a lìbhrigeadh do luchd-ionnsachaidh agus gus cearcall-còmhraidh a chumail do luchd-labhairt na Gàidhlig aig a bheil ìre eadar-mheadhanach agus air adhart ann am Meadhan Earra-Ghàidheal. A rèir an rannsachaidh a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid, tha an t-uabhas dhaoine ann am meadhan Earra-Ghàidheal ag iarraidh leasanan aghaidh ri aghaidh ag amas air luchd-tòiseachaidh. Agus a bharrachd air sin, tha goireas a dhìth air a’ choimhearsnachd do luchd-ionnsachaidh no luchd-labhairt aig a bheil tuigse air a’ chànan no comas air còmhradh a chumail airson Gàidhlig a bhruidhinn is a chleachdadh aig an ìre freagarrach dhaibh gus adhartas a dhèanamh. Tron chearcall-còmhraidh seo, bidh mi ag amas air brosnachadh agus misneachd a thoirt do na daoine a bhios an làthair le geamannan, gnìomhan agus taic a thaobh puingean cànain.’S mar sin, le taic is aonta bhon bhuidheann ionadail aithnichte de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, an canar ris Companaich Dhail Riada, tha mi a’ cur a-steach airson taic-airgid mar neach fa leth gus am feum agus an t-iarrtas seo a choileanadh. Ma shoirbhicheas leis an tagradh seo agus an iomairt seo a thèid a thoirt seachad leam fhìn, beachdaichidh Companaich Dhail Riada air tagradh a chur a-steach mun àm seo an-ath-bhliadhna gus togail air an adhartas a thèid a dhèanamh mar thoradh air an t-sreath de chlasaichean agus cearcall-còmhraidh a lìbhrigeas mi don choimhearsnachd. A thaobh structar nan clasaichean do luchd-tòiseachaidh, tha dùil agam ris na goireasan SpeakGaelic A1 ùisneachadh gus dèanamh cinnteach gun tèid adhartas a dhèanamh am measg nan oileanach. Agus a bharrachd air sin, cuiridh mi ris na clasaichean leis na stuthan ionnsachaidh eile agam agus bheir mi an cothrom dhaibh eòlas a chur air dualchainnt na sgìre. Thathar an dòchas gum bi an iomairt seo na bhuannachd do dhaoine de gach seòrsa air feadh na sgìre a chionn ’s gun toir e cothrom air leth is ruigsinneach do mhuinntir na sgìre gus Gàidhlig ionnsachadh nach eil ri fhaighinn san sgìre seo an ceartair agus nach eil air a bhith ri fhaighinn o chionn fhada.
Where is this data from?
This data was originally published by Bòrd na Gàidhlig. If you see something about your organisation or the funding it has received on this page that doesn't look right you can submit a grantee amendment request. You can hover over codes from standard codelists to see the user-friendly name provided by 360Giving.
Grant Details
| Award Date | 2026-01-29T00:00:00+00:00 |
| Data Source | https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/data-thabhartasan/ |
| Last Modified | 2026-02-19T13:20:36+00:00 |
| From An Open Call? | Yes |
| Planned Dates: End Date | 2027-03-27T00:00:00+00:00 |
| Planned Dates: Start Date | 2026-05-14T00:00:00+00:00 |
| Amount Awarded | 3300 |
| Financial Year | 2026/27 |
| Grant Programme: Code | 2628_TFC |
| Grant Programme: Title | Taic Freumhan Coimhearsnachd |
| Beneficiary Location: Name | Mid Argyll |
| Beneficiary Location: Geographic Code | S13002518 |
| Beneficiary Location: Country Code | GB |
| Beneficiary Location: Geographic Code Type | WD |
| recipientIndividual: id | 360G-BNG-IND:-2026-02412 |
| recipientIndividual: name | Dónal Mac Giolla Chomhgaill |
| toIndividualsDetails: grantPurpose | GTIP160 |
| toIndividualsDetails: primaryGrantReason | GTIR110 |