Seinn Còmhla - Breacais (360G-BNG-TFC-2026-02487)
S e buidheann seinn neo-fhoirmeil a th'ann an Seinn Còmhla, air a chuir air dòigh le seinneadairean bhon sgìre. Thòisich a' bhuidheann ann an 2023, fo bhratach SEALL agus leis an ainm 'Seinneamaid'. Ach, leis nach do chùm SEALL an obair a' dol nuair a dh'fhàg Iseabail a dreuchd mar oifigear Gàidhlig anns an Òg-mhìos 2023, chùm a' bhuidheann a' dol le ainm ùr:- Seinn Còmhla.Bidh daoine, seann is òg, a' tighinn còmhla air madainn Disathairne gach mios ann an Talla Bhreacais airson strùpag, còmhradh agus seinn. 'S e tachartas tro mheadhan na Gàidhlig a th'ann an Seinn Còmhla, agus tha e a' toirt cothrom do fileantaich agus luchd-ionnsachaidh tighinn còmhla. Bidh seinneadairean bhon sgìre a' toirt leotha òran agus mar as trice bidh a' bhuidheann ag ionnsachadh trì òrain, a' dol tro na faclan, ag eadar-theangachadh pìosan, a' dol thairis air fuinn na h-òrain agus a' bruidhinn air eachdraidh, ceanglaichean agus cuimhneachain a tha aig daoine mu dheidhinn na h-òrain. Thèid na h-òrain an clàradh aig deireadh gach seisean agus thèid iad air làrach-lin Soundcloud Seinn Còmhla, gus am faigh daoine cothrom èisteachd riutha as deidh làimh.An-drasta, chan eil maoineachadh sam bith aig Seinn Còmhla agus tha gach neach a tha a' cuideachadh ag obair gu saor-thoileach. Bhiodh taic-airgead fad bliadhna a bhith aig a bhuidheann gu math feumail gus an urrainn don bhuidheann a bhith seasmhach agus cumail a' dol cothroman a chruthachadh gus Gàidhlig a bhruidhinn, ann an àite far a bheil glè bheag de chothroman ann.Tha structar na buidheann ag obair gu math, le diofar dhaoine a' toirt òran dhan bhuidheann gach mìos. Ach bu mhath leinn trì seiseanan le seinneadairean eadar-dhealaichte a chur air dòigh thairis air a bhliadhna, leithid Christine Primrose, Deirdre Ghreumach agus Linda NicLeòid. Gheibheadh na seinneadairean pàigheadh aig ìre Musician's Union (£44 gach uair).
Where is this data from?
This data was originally published by Bòrd na Gàidhlig. If you see something about your organisation or the funding it has received on this page that doesn't look right you can submit a grantee amendment request. You can hover over codes from standard codelists to see the user-friendly name provided by 360Giving.
Grant Details
| Award Date | 2026-01-29T00:00:00+00:00 |
| Data Source | https://www.gaidhlig.scot/ga/maoineachaidh/data-thabhartasan/ |
| Last Modified | 2026-02-19T13:20:36+00:00 |
| From An Open Call? | Yes |
| Planned Dates: End Date | 2027-03-31T00:00:00+00:00 |
| Planned Dates: Start Date | 2026-04-01T00:00:00+00:00 |
| Amount Awarded | 1000 |
| Financial Year | 2026/27 |
| Grant Programme: Code | 2628_TFC |
| Grant Programme: Title | Taic Freumhan Coimhearsnachd |
| Beneficiary Location: Name | Eilean a' Cheò |
| Beneficiary Location: Geographic Code | S13002999 |
| Beneficiary Location: Country Code | GB |
| Beneficiary Location: Geographic Code Type | WD |
| Beneficiary Location: Name | Wester Ross, Strathpeffer and Lochalsh |
| Beneficiary Location: Geographic Code | S13002994 |
| Beneficiary Location: Country Code | GB |
| Beneficiary Location: Geographic Code Type | WD |
| recipientIndividual: id | 360G-BNG-IND:-2026-02487 |
| recipientIndividual: name | Iseabail Strachan |
| toIndividualsDetails: grantPurpose | GTIP150 |
| toIndividualsDetails: primaryGrantReason | GTIR110 |